Libraries, Archives and Museums Nova Scotia (LAMNS)


Increases the capacity of the network to share resources and to identify opportunities for high impact collaboration.

Pàipearan Naidheachd Eachdraidheal na h-Albann Nuaidh air Loidhne

Nova Scotia Chronicle and Weekly Advertiser
Le Courrier
Am Bràighe
Micmac News

Bho a’ bhliadhna 2009, tha Libraries Nova Scotia air a bhi cumail cùl-taice ri sreath phròiseagtan a’ suidheachadh air seann phàipearan naidheachd a chur ann an cruth dideatach. Bha na pròiseagtan air an dealbhadh gus rannsachadh nan dùbhlan ro thaghadh de phàipearan naidheachd eachdraidheal, ioma-chultarach na Mór-roinn a ghléidheadh agus sholarachadh gu cothromach air loidhne. Gur e seo a’ cheud turas a bhitheas na foillseachaidhean taghta seo rim faotainn fad is farsaing do luchd-cleachdaidh an eadar-lìn. Tha fianais ann gu bheil uimhir de shuim `ga chur annta a tha air a bhi drùidhteach.

Bha amasan nam pròiseagtan air an sònrachadh los:

  • An cothrom as motha a mheudachadh do cho-phàirteachadh agus treunadh sgilein aig ìre na coimhearsnachd tro thionnsgnadh phròiseagtan air an rianachd neo-sgeadaichte, dhi-mheadhanach
  • Co-oibreachadh a dh’àrdachadh eadar an riaghaltas agus eagrachaidhean dhen earran-phoblach
  • Cuideachadh a dheanamh le próifil agus buinteanas Libraries NS a dh’àrdachadh
  • Cuideachadh a dheanamh le sònrachadh luach is brìgh phàipearan naidheachd eachdraidheal na h-Albann Nuaidh
  • Cuideachadh le aithneachadh phàipearan naidheachd dùalchasach an cunnart a dhol air chall
  • Cothroman a thig an cois teagneòlais dhideataich a dh’àrdachadh
  • Bun-tomhasan teagneòlais a bhitheas freagarrach, agus na cleachdaidhean as fheàrr, a leasachadh agus a dh’àrdachadh
  • Cosgaisean na rianachd a bharrachd a bhi `gan cumail as ìsle a ghabhas le cinnt

Tha com-pàirtichean a’ phròiseagt air an ainmeachadh mar a leanas: Nova Scotia Archives (Halifax), the Beaton Institute, Cape Breton University (Sydney), agus the Angus L. Macdonald Library, St. Francis Xavier University (Antigonish). Tha gach buidheann stéidhichte dhiubh seo a’ gléidheadh sheirbhisean sònarichte dideatach in-thaigh a dhéiligeas ri stuth tasglannach.

Fhuaireadh maoineachadh phròiseagtan aig na tobraichean seo a leanas: C@P Nova Scotia, the Board of Trustees, Public Archives of Nova Scotia, the Royal Nova Scotia Historical Society, agus the Canada-Nova Scotia Agreement on French-language Services (Acadian Affairs). Chadic cuideachadh le eadar-theangachadh a thorn seachad aig Communications Nova Scotia agus Iomairt na Gàidhlig.

Tha ann mu thuairmse 104,700 taobh-duilleige, 17 tiotalan a nochd eadar 1769 – 2003 an lùib toradh na h-obrach seo. Chaidh iad uile a sganadh ann far am foillseachaidhean tùsail. `Sa chumantas, rinn com-phàirtichean anns a’ phròiseagt taghadh far an stòrais aca fhéin. Mar bu trice, b’ann na b’fheàrr leotha na pàipearan nas àrsaidhe, air neo as sònraichte dòigh air choireigin, aig a robh eachdraidh fhoillseachaidh ghoirid. Getà, tha roinn do shamhlaidhean ann far nach cuireadh ach àireamh bheag de phàipear naidheachd àraid an clò agus iad sin air an toirt astaigh air iasad los gum bidh iad air an gléidheadh an riochd diteatach. Tha taghaidhean air a bhi dèante cuideachd aréir meudachd na taobh-duilleige (dh’fheumadh i a bhi beag gu leòr a fhreagairt innealan an là an-diugh) agus cor a’ phàipeir fhéin.

`S ann tearc a tha na tiotalan air an taisbeanadh an seo. Gu mining, cha robh ann ach aon samhla maireann air pàipear naidheachd chomharraichte. Gheobhar `nan cois uile sealladh is beachd fa leth air beatha `san Albainn Nuaidh rin linn. Am measg an taghaidh, the na com-pàirtichean gu sònraichte toilichte a thairgsinn phàipearan naidheachd à Shelburne na h-ochdamh linn, còmhla ri the Micmac News, the Acadian Recorder, The 4th Estate, The Atlantic Advocate, Le Courrier de la Nouvelle-Écosse agus Am Bràighe.  `S e `s gu faighear na tiotalan seo air loidhne a nì cinnteach gum bidh cothrom aig muinntir na h-Albann Nuaidh, ann an àite sam bith, air clàr cudtromach a dh’innseas mun eachdraidh aca fhéin.

 

"An ni each cluinn mi an diugh cha'n aithris mi màireach."

Seanfhacal na Gàidhlig ri fhaighinn ann am MacTalla